Co-chomharran: 57°17′58″N 7°12′13″W / 57.299451°N 7.203667°W / 57.299451; -7.203667

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn a' Tuath.

Beinn a' Tuath

Sliabh an iar Beinn a' Tuath agus an seann laimhrig-mhòr.
Àirde (m) 128
Àirde (tr) 420
Àirde rinneach (m) 67
Màthair-mhullaich Hecla
Suidheachadh
Beinn a' Tuath is located in Alba
Beinn a' Tuath
Beinn a' Tuath (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (22)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF867352

Suidheachadh

deasaich

Tha i suidhichte ann an taobh an ear Uibhist a Deas. Tha i na laighe tuath air Beinn Ghot. San ear-thuath tha Rubha Heallacro ann agus san iar-dheas chithear Gleann Mile-feala.Tha Beinn a' Tuath 128m (420 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 67m a' sgaradh Beinn a' Tuath bho na beanntan eile agus 's e Hecla a mhàthair-mhullaich. Chan eil dad sònraichte air a mullach a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde. [1]

Tha Beinn a' Tuath na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne. Ach tha slighe ann a leanas timcheall air a' bheinn bhon seann laimhrig-mhòr le stòr-thaigh[3] ann am Mol a Tuath gus bathair a thoirt don taigh-solais air taobh an ear-dheas na beinne.[4] Chaidh an taigh-solais a thogail le D. is T. Stevenson ann an 1857. [5] Faisg air an taigh-solais tha Uamh Dubh nan Sgogaich suidhichte aig cois Beinn a' Tuath.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
  2. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  3. Canmore ID 316359: Mol a Tuath
  4. Lighthouse/Ushinish aig Northern Lighthouse Board
  5. Canmore ID 172200 Ushinish Lighthouse

Ceanglaichean a-mach

deasaich