Beinn Mhòr (Uibhist a Deas)
Co-chomharran: 57°15′31″N 7°17′42″W / 57.258699°N 7.294969°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Mhòr.
Beinn Mhòr (Uibhist a Deas) | |
---|---|
Beinn Mhòr | |
Àirde (m) | 620 |
Àirde (tr) | 2034 |
Àirde rinneach (m) | 620 |
air liosta | Marilyn, Graham, HuMP |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (22) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF808310 |
Suidheachadh
deasaichTha i suidhichte ann an Uibhist a Deas mu dà mhìle (4 km) tuath air Loch Aineort agus ear air an rathaid A865 eadar Loch nam Madadh agus Loch Boisdale. Tha a' bheinn a' nochdadh air liosta a' Choimisein Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba mar fheart-tìre sònraichte. [1]
Tha Beinn Mhòr 620m (2034 troigh) de dh'àirde[2] agus mar sin 's i a' bheinn as àirde air an eilean. Tha i air druim a tha a' ruith bhon iar-thuath chun an ear-dheas. 'S e Marilyn agus Graham a th' ann. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an Dàmhair 2001.[3] Air mullach na beinne chithear carragh triantanachaidh. Tha e coltach gu bheil an clach mòr mu 4m iar-thuath air a' charragh triantanachaidh a' phuing as àirde dhen bheinn. [2] Tha Beinn Mhòr na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil ach slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Canmore ID 277937: Beinn Mhòr[dead link]
- ↑ 2.0 2.1 Hill Bagging Air a tharraing air 20 an Cèitean 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)
Dealbhan
deasaich-
Sealladh air Beinn Mhòir
-
Air an t-slighe gu mullach na beinne
-
Mullach na beinne
Ceanglaichean a-mach
deasaich- [Gazetteer for Scotland http://www.scottish-places.info/features/featurefirst661.html]
- Dealbhan aig geograph.org