Beinn Ghunnaraigh
Co-chomharran: 56°58′51″N 7°26′27″W / 56.980695°N 7.440822°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Ghunnaraigh. Nochdaidh e air cuid mhapaichean mar Beinn Ghunaraigh cuideachd.
Beinn Ghunnaraigh | |
---|---|
Sealladh air Beinn Ghunnaraigh | |
Àirde (m) | 152 |
Àirde (tr) | 499 |
Àirde rinneach (m) | 50 |
Màthair-mhullaich | Sheabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Barraigh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N) |
Comharradh-clèithe | NF696009 |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte meadhan an eilean Bharraigh. Tha mòran bheann timcheall air, tha Beinn Òb sa tuath, Grianan san iar agus Hartabhal is Sheabhal sa deas. Tha am baile Earsairigh san ear-dheas Beinn Ghunnaraigh. Ged a tha rathad A888 a' dol seachad air san ear-dheas cuideachd, chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Tha Beinn Ghunnaraigh 152m (499 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ri fhaicinn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 14 an t-Iuchar 2013.[2] Tha an àirde rinneach de 50m a' sgaradh Beinn Ghunnaraigh bho na beanntan eile agus 's e Sheabhal a mhàthair-mhullaich.
Freumh an ainm
deasaichA rèir Borgström tha an dàrna facal ann am Beinn Gunnaraigh a' tighinn bhon fhacal Lochlannais "Gunnarserg" agus a' toirt fianais mu àirigh Ghunnar.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ Borgström, C., 2008 3 deas. The Norse Place-names of Barra. Ann an The Book of Barra. deas. Campbell, J. L. Steòrnabhagh: Acair Ltd. td 231.