Beinn Chliaid
Co-chomharran: 57°00′35″N 7°28′30″W / 57.009799°N 7.4749°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Chliaid (Beurla: Ben Cliad). Nochdaidh e cuideachd air cuid de na mapaichean mar Beinn Cleit.
Beinn Chliaid | |
---|---|
Àirde (m) | 206 |
Àirde (tr) | 676 |
Àirde rinneach (m) | 159 |
air liosta | Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Barraigh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N) |
Comharradh-clèithe | NF677042 |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte ann ceann a tuath an eilean Bharraigh. Tha Beinn Eireabhal air an ear agus Grianan sa deas. Cuideachd sa deas tha an A888 a' dol seachad air Beinn Chliaid agus tha am baile Cliaid suidhichte iar air a' bheinn. Ged a tha slighean beaga timcheall air Beinn Chliaid, chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Tha Beinn Chliaid 206m (676 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear càrn beag air creag a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. [1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 28 an Damhair 2001.[2] Tha an àirde rinneach de 159m a' sgaradh Beinn Chliaid bho na beanntan eile. 'S e Marilyn a th' ann.
Freumh an ainm
deasaichA-rèir Mhic an Tàilleir dh’fhaodadh an t-ainm Cliaid a' tighinn bhon fhacal Lochlannais: klettr a tha a' ciallachad "creag".[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ Ainmean-àite Mac an Tàilleir, I. 2003 td 30.
Dealbhan
deasaich-
Mullach na beinne