Na Beanntan Creagach
(Air ath-sheòladh o Beanntainn Creagach)
'S e sreath de bheanntan àrda a tha anns na Beanntan Creagach (Rocky Mountains ann am Beurla). Tha iad a' ruith bho thuath gu deas anns a' cheann an iar Ameireagaidh a Tuath. Tha iad a' tòiseachadh ann am fìor cheann a tuath Columbia Bhreatannach agus tha iad a' ruith gu deas gu ruige New Mexico. Tha iad còrr is 3,000 mìle (4,800 km) a dh'fhaide. Anns na Stàitean Aonaichte, tha iad cho àrd ri 14,440 troigh neo 4,401 meatair os cionn na mara. Ann an Canada, tha iad cho àrd ri 12,972 troigh neo 3,954 meatair os cionn na mara.