Andriy Zhdanov
B' e saighdear agus neach-poileataigs Ucràineach/Sobhiatach a ghabhadh ri co-mhaoineas agus stalineachd a bh' ann an Andriy Oleksandrovich Zhdanov (Ucràinis: Жданов Андрій Олександрович, IPA: ɐnˈdrej ɐlʲɪˈksandrəvʲɪtɕ ˈʐdanəf, Mariupol, 26 an Gearran 1896 - Mosgo, 31 an Lùnasdal 1948). Bha Zhdanov an sàs anns a' Phurgaid Mhòir, far deach na milltean a mharbhadh, eadar 1936 agus 1938.[1] B' ann dlùth air Iosif Stalin s' a bha Zhdanov agus bhathar a' smaoineachadh gu robh e na iar-theachdaiche Stalin fhèin, ach chaochail e roimhe. Chaidh a thiodhlacadh ann an rèilig sa Kremlin.