An t-Urramach Teàrlach MacDhonnchaidh

B’ e an t-Urr. Teàrlach MacDhonnchaidh (1864–1927) (Beurla: Charles Moncrieff Robertson) fear de shàr sgoilearan Gàidhlig deireadh na naoidheamh linn deug agus toiseach na ficheadamh linn. B’ ann bho Shrath Tatha ann an Siorramachd Pheairt a bha e, agus mar mhinistear bhiodh e a’ siubhal mu thimcheall na Gàidhealtachd a dh’àiteachan leithid Arainn, Earra-Ghàidheal, Loch Abar, Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Narann, Cataibh, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach, Diùra agus Ìle, cho math ri Siorramachd Pheairt dham buineadh e fhèin. Airson còrr math is trichead bliadhna, bhiodh MacDhonnchaidh a’ cruinneachadh mion-fhiosrachadh mu ainmean-àite, dualchainnt agus beul-aithris bho mhuinntir nan àiteachan sin aig an robh Gàidhlig. Rinn e seo aig àm nuair a b’ i a’ Ghàidhlig prìomh chànan nan sgìrean, agus bhiodh mòran den fhiosrachadh a chruinnich e, gu h-àraid ainmean-àite, air a chall mura b’ e na leabhraichean-nòtaichean a dh’fhàg e às a dhèidh.

Ceanglaichean a-mach

deasaich