An t-Uabhas
'S e còmhlan-ciùil garaids no punc a th' anns an Uabhas, a tha stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh an còmhlan a chur air chois ann an 2010 le Roddy Neithercut (guth), Sìleas Landgraf (giotàr), Oisean MacUrcrin (beus) agus Tim Armstrong (drumaichean). Dh'fhàg Oisean tràth ann an eachdraidh a' chòmhlain agus ghabh Hester Levack am beus os làimh. Anns an Fhaoilleach, 2011, chuir iad CD air bhog, Togaibh Ur Guth, le còig òrain ùra Ghàidhlig, agus ceithir leasanan Gàidhlig cuideachd na chois, Gaelic for Punks. Chaidh an CD a chlàradh aig 16 Ohm Studio ann an Glaschu air £150 not ann an dà latha. Tha an t-Uabhas air cluich aig cuirmean-ciùil air feadh na h-Alba, air a' Ghàidhealtachd, ann an Inbhir Nis, ann an Glaschu agus ann an Dùn Èideann. Tha an ceòl air fad aca ann an Gàidhlig agus 's e luchd-labhairt na Gàidhlig fileanta a th' annta uile.