An t-Sròn Dhubh
An t-Sròn Dhubh | |
Caisteal na Sròine Duibhe | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 56° 0′ 21″ T 3° 30′ 53″ I |
Comharradh-clèithe | NT 056 803 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile anns an seann siorramachd de Gleann Iucha a tha anns An t-Sròn Dhubh (Beurla: Blackness).[1] Tha An t-Sròn Dhubh an-diugh ann an Comhairle na h-Eaglaise Brice. Tha e suidhichte air cladach a deas dhen Linne Foirthe.
Bha port-mara beag aige a bha cudromach airson Gleann Iucha, baile faisg air. Ach nuair a bha Ceann Fhàil a' fàs na bu mhotha chaidh an gnìomhachas anns an t-Sròn Dhubh sìos.
Tha caisteal ann, Caisteal na Sròine Duibhe, a chaidh a thogail anns na 1440an le Sir George Crichton. Tha e fo chùram Alba Aosmhor an-diugh.[2]
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ “Dictionary Detail - Caisteal na Sróine Duibhe”. Am Faclair Beag. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ “Blackness Castle”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2018.