Tha An Comunn Gàidhealach Ameireaganach (ACGA) ʼna bhuidheann charthanach anns na Stàitean Aonaichte agus Canada a tha aʼ brosnachadh labhairt agus sgrìobhadh na Gàidhlig, agus aʼ brosnachadh ùidh ann an litreachas agus òrain Ghàidhlig. Chaidh an Comunn Gàidhealach Ameireaganach a stéidheachadh ann an 1984, agus tha e ga ruith le obair shaor-thoileach. Tha ballrachd sa Chomunn fosgailte gu neach sam bidh aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, ann an dùthaich sam bith. Tha an Comunn aʼ cur air dòigh thachartasan bogaidh ann an grunnan àitichean sna Stàitean Aonaichte, agus tha e aʼ toirt taic do chlasaichean cloinne agus luchd-ionnsachaidh fa leth le tabhartasan beaga airgid. Tha e aʼ cumail fiosrachaidh mu clasaichean Gàidhlig agus luchd-teagaisg anns na Stàitean Coltach ris An Comunn Gàidhealach ann an Albainn, tha An Comunn Gàidhealach Ameireaganach aʼ toirt taic do Mhòd nàiseanta gach bliadhna, Mòd nan Stàitean Aonaichte. Gu ruige 2016 bha 29 mòdan air a bhith ann. Tha e aʼ foillseachadh iris/cuairtlitir fon ainm An Naidheachd Againne.

Ceanglaichean a-mach

deasaich