'S e baile air a’ Ghàidhealtachd a tha ann am Ploc Loch Aillse no Am Ploc (Beurla: Plockton).[1] Tha am baile suidhichte faisg air Loch Carrann. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 20′ 16.84″ Tuath agus 5° 39′ 8.32″ Iar.

Am Ploc

Tha timcheall air 378 duine a' fuireach an seo.

Am baile

deasaich

Chaidh a' mhòr-chuid de na taighean a thogail anns an 18mh is 19mh linn. Tha meadhan a' bhaile, timcheall air Harbour Street agus Innes Street na raoin-ghlèidhteachais[2]. B' e iasgach an gnìomhachas a bu chudromaiche aig an àm ud. An-diugh tha turasachd gu math làidir anns a' bhaile, gu h-àraidh air sgàth 's gun deach an sreath tbh Hamish Macbeth le Robert Carlyle a chlàradh an seo agus ghabh mòran dhaoine bhon sgire pàirt ann. Bha pàirt dhen fhilm The Wicker Man (an acarsaid aig toiseach an fhilm[3]) agus Inspector Alleyn Mysteries clàraichte an-seo cuideachd. Thig mòran luchd-turais dhan dannsa aig a' bhliadhna ùir airson a' charthannais Computers For Africa.

Tha dhà bhùth bheag, dhà no trì taighean-òsta agus taighean-bìdh ann.

Tha bun-sgoil agus àrd-sgoil ann, agus tha Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd[4] mar phàirt den àrd-sgoil. 'S e ionad nàiseanta airson sàr-mhathas ciùil thraidiseanta a th' ann, agus bidh e a' tarraing sgoilearan òga tàlanta thuige bho air feadh na dùthcha.

Eachdraidh

deasaich

Bho 1956 gu 1972, nuair a leig e dheth a dhreuchd, bha Somhairle MacGill-Eain na Cheannard air Àrd-sgoil A' Phluic.[5] Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh an seo ann an 1973.[6]

A’ Ghàidhlig

deasaich

Bho 1991 tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn aig Bun Sgoil a' Phluic far a bheil aonad. Tha Gàidhlig ri fhaighinn aig Àrd-sgoil A' Phluic cuideachd.

A-rèir a' chunntas-sluaigh tha a' Ghàidhlig aig 24.4% san sgìre - an àireamh as àirde air tìr mòr na h-Alba. [1]

Dealbhan

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 96, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Plockton(Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.
  3. Move-Locations.com,
  4. Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd
  5. Somhairle MacGill-Eain air loidhne
  6. Movie Locations

Ceanglaichean a-mach

deasaich