Maighstir Ailean
Bha Maighstir Ailean (Ailean MacDhòmhnaill, 25 an Dàmhair 1859 - 8 an Dàmhair 1905) na shagart Caitligeach, na bhàrd, na fhear-cruinneachaidh beul-aithris, agus na fhear-strì airson còirichean a’ phobaill.
Maighstir Ailean | |
---|---|
Beatha | |
Breith | An Gearasdan, 25 dhen Dàmhair 1859 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 8 dhen Dàmhair 1905 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe) |
Foghlam | |
Foghlam | Blairs College (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | eadar-theangair, eòlaiche-ciùil, sgrìobhadair agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
Creideamh | |
Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
Cha mhòr nach eil e cinnteach gun d' rugadh Mgr Ailean anns an Taigh-seinnse Beinn Nibheis far an robh athair na òstair.[1]
Foghlam
deasaichChaidh a chuir gu Cholaisde Sagartachd Blairs ann an 1871 aig aois da bhliadhna deug agus an uair sin a Cholaisde San Ambrosio, Valladolid anns an Spàinn ann an 1876. Fhuair e am bearradh an sin.
Sagartachd
deasaichChaidh òirneadh na shagairt ann an Glaschu ann an 1882, agus fhuair e obair e mar shagart-chuideachaidh dhan easbaig anns an t-Òban thuige 1884.
Ghluais e do Dhalabrog ann an Uibhist a' Deas ann an 1884 agus do Èirisgeigh ann an 1894 far an do chaochail e ann an 1905.[2]