Bile phrìobhaideach
(Air ath-sheòladh o Achd Prìobhaideach)
'S e seòrsa bile a tha a' toirt buaidh air com-pàirtean prìobhaideach a tha ann am bile phrìobhaideach.
Pàrlamaid na h-Alba
deasaichRo Achd Còmhdhail agus Obraichean (Alba) 2007, cheadaich Riaghaltas na h-Alba pròiseactan bun-structair le achdan prìobhaideach, mar eisimpleir na slighean-trama ann an Dùn Èideann.[1]
Tha trì ìrean anns an sgrùdadh bile phrìobhaideach ann am Pàrlamaid na h-Alba:
- Ìre ro làimh, far a bheil comataidh de triùir, ceathrar no còignear bhall a' beachdachadh am bu chòir iad a' bhile a dheasbad.
- Ìre beachdachaidh, far a bheil an comataidh a' dèanamh sgrùdadh air a' bhile.
- Ìre dheireannach, far a bheil am Pàrlamaid air fad ag aontachadh (no a' diùltadh) a' bhile.
Eisimpleirean
deasaich- Achd Coimisean Drèanaidh Pholl Aifrinn 2019: Chuir na coimiseanairean drèanaidh fhèin a' bhile seo air adhart airson rianachd a' choimisein ùrachadh.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Private Bills”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Sim, Philip: “Dull as ditchwater? Inside Holyrood's forgotten committee”, BBC News. 24mh dhen Dàmhair 2018. Air a thogail 30mh dhen Dùbhlachd 2019.