Øresund
Öresund/Øresund | |
Suidheachadh | |
Ainm dùthchail | Öresund/Øresund |
Seòrsa | Caol |
Fad | 110km |
Leud | 5km - 53km |
Mòr-roinn | Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | An Danmhairg An t-Suain |
Làrach-lìn | Øresund Direkt |
'S e caolas air àirde an iar-thuath na Roinn-Eòrpa a th' anns an Öresund/Øresund (IPA na Suainis: œrəˈsɵnːd, na Danmhairgis: øːɐsɔnˀ). Tha e suidhichte eadar an t-eilean Sjælland san Danmhairg agus an roinn Skåne län anns an t-Suain agus 's e an ceangal mara eadar an Cuan a Tuath/Kattegat agus am Muir Baltach a th' ann. Tha an Caolas 110km a dh'fhaide agus eadar 53km agus dìreach 5km a leud. Chan eil an Øresund idir domhainn, dìreach 7m aig a' char as lugha. Chan e muir gu math saillte a th' ann nas motha, leis gu bheil uisgeachan na Baltaich a' sruthadh ann. Thogadh drochaid tarsainn a' Chaolais ann an 2000.[1]
Tha e coltach gur ann à öra/øre (Gàidhlig: cluas) agus sund (caol) ann an dà chànan, a tha an t-ainm.[2] Bheireadh sin Caolas na Cluaise dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.