Östergötlands län
Östergötlands län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Linköping (en) | ||||
Stèidhichte | 1634 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10,562 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 445,661 (2015) | ||||
Dlùths | 42.19/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 01 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Östergötlands län (Suomais: Itä-Götanmaan lääni). Tha i na laighe ri eadar Loch Vättern agus Am Muir Baltach, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Örebro län agus Södermanlands län. 'S e Linköping a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Östergötlands län fad 10,562km² agus tha 445,661 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 11mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an ceathramh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 15 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Linköping agus Norrköping nam measg.
Freumhan an ainm
deasaichGed nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à austra (Gàidhlig: sear) agus götland (Tìr nan Gotach) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
deasaichB' e Knut Jöransson Posse af Hedensund a' chiad riaghladair nan roinne.[3]
Daoine ainmeil
deasaich- Jöns Jacob Berzelius: (1779 - 1848) Ceimigear.
- Hugo Theorell: (1903 - 1982) Neach saidheans.[4]
- Hannes Alfvén: (1908 - 1995) Neach Saidheans.[5]
- Reine Wisell: (1941). Dràibhear-rèisidh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ SCB
- ↑ Runeberg
- ↑ Elgenstierna, Gustaf, red (1925-1936). Den introducerade svenska adelns ättartavlor. Stockholm: Norstedt
- ↑ Nobelmuseum
- ↑ Duais Nobel