B’ e dùthaich neo-eisimeileach ann am meadhan na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1918 a bh’ anns an Àrd-diùcachd Hesse (Gearmailtis: Großherzogtum Hessen).[1] B’ e Darmstadt a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlach uasal Lorraine-Brabant a bha os a cionn.[2] Chaidh an Àrd-diùcachd a chruthachadh ann an 1806, ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[3] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Chuireadh ri chèile sreath dhe stàitean beaga. Bha Hesse na ball a' Cho-chaidreachais bho 1806, a' cur 4,000 saighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais. Chaidh a leasachadh nuair sgaradh Prionnsalachd Isenburg eadar Hesse agus Hesse-Kassel. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (18711918). Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Hesse agus leig an t-àrd-dhiùc Ernst Ludwig dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[4] Bha fearann na h-Àrd-diùcachd air a roinn ann an dà leth, le Frankfurt (na bhaile saor gu ruige 1806) ann am meadhan.[5] Tha am pàirt na b' fhaide gu tuath am broinn Hessen agus am pàirt na b' fhaide gu deas ann an Rheinland-Pfalz an-diugh.

Àrd-Dhiùcachd Hesse
Großherzogtum Hessen
  18061918  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1806
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Prìomh-Bhaile Darmstadt
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 7,688.36 km2
Àireamh-shluaigh 1,282,051 (1910)
Dlùths 166.75/km2

Ceannardan

deasaich
  • 1806 - 1830: Ludwig I.
  • 1830 - 1848: Ludwig II.
  • 1848 - 1877: Ludwig III.
  • 1877 - 1892: Ludwig IV.
  • 1892 - 1918: Ernst Ludwig

Iomraidhean

deasaich
  1. Almanach de Gotha
  2. Almanach de Gotha
  3. Napoleon
  4. Lucha de Clases
  5. Deutsche Schutzgebiete