Àird Rubha Mòr
Co-chomharran: 56°57′13″N 7°26′36″W / 56.953581°N 7.443447°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Àird Rubha Mòr.
Àird Rubha Mòr | |
---|---|
Sealladh bho Àird Rubha Mhòr gu deas air Maol Dòmhnaich | |
Àirde (m) | 110 |
Àirde (tr) | 361 |
Àirde rinneach (m) | 32 |
Màthair-mhullaich | Sheabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Barraigh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N, 452S) |
Comharradh-clèithe | NL692979 |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte ann an deas an eilean Bharraigh. Tha Àird Rubha Mòr na laighe iar-dheas air Beinn nan Càrnan agus deas air a' bhaile Bhrèibhig. Tha Bàgh a' Chaisteil san iar. Tuath air a' bheinn tha an rathad A888 a' dol seachad ach tha Àird Rubha Mòr fhèin suidhichte ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Tha Àird Rubha Mòr 110m (361 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 20 am Faoilleach 2012.[2] Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ri fhaicinn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.[1] Tha an àirde rinneach de 32m a' sgaradh Aird Rubha Mor bho na beanntan eile agus 's e Sheabhal a mhàthair-mhullaich.
Gheibhear deagh shealladh bho mhullach Àird Rubha Mhòir air Maol Dòmhnaich agus air sgeirean leithid Sgeir na Muice is na Sgeirean Fiaclach.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)
Dealbhan
deasaich-
Taobh an iar-dheas Àird Rubha Mhòir.