Zipaquirá
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Sabana Centro
Àirde 2650m
Co-chomharran 05° 01' 42' Tuath
74° 03' 30' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 197 km²
Àireamh-shluaigh 101,551 (2005)
Dlùths 515.49/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile meadhanach ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Zipaquirá. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,650m os cionn ìre na mara agus 47km ait falbh bho Bhogotá. ‘ S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 14˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Zipaquirá an 45mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.

Freumhan an Ainm deasaich

'S e ainm Tùsanach a th'ann Zipaquirá. Thathar a' creidsinn gu bheil e a' ciallachadh Baile an Rìgh ann an Chibcha, bho Zipa neo Rìgh.[4] 'S e eileamaid gu math cummanta ann an ainmean-àite na sgìre seo a th'ann am facal Zipa. Tha feadhainn eile a' smaoineachadh gur e Chicachica an t-seann ainm aige, a tha a' ciallachadh Cas ar Dalta, neo fiù's Chipaquicha, Cas ar n-Athar.[5]

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 101,551 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 13,024 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Zipaquirá, ach tha 0.6% dhe Tùsanaich agus 0.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.7% dhe na daoine ann an Zipaquirá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 46.1% dhe na dachannan.[8]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Zipaquirá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil deasaich

Santiago Pérez de Manosalbas (18301900): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1874 agus 1876.

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. En ZipaquiraTeamplaid:Fix/category[dead link]
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Zipaquirá