B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an William Henry Perkin.

William Henry Perkin
Beatha
Breith Lunnainn, 12 dhen Mhàrt 1838
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Bàs Sgìre Harrow Lunnainn, 14 dhen Iuchar 1907
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe)
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Royal College of Chemistry (en) Translate
Stiùiriche an teusais Johannes Wislicenus (mul) Translate
Dreuchd
Dreuchd ceimigear, innleachdair agus neach-gnìomhachais
Fastaichean Colaiste Impireil Lunnainn
Duaisean a fhuaras
Buaidh August Wilhelm von Hofmann (mul) Translate
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan

Bha e ainmeil airson a' chiad dhath fuadain, mauveine.

Nuair a bha e 15 bliadhna a dh'aois chaidh e don Colaiste Rìoghail na Cheimigeachd (nise na phàirt de Cholaiste Impireil Lunnainn) is dh'ionnsaich e ceimigeachd fo August Wilhelm von Hofmann. Rinn e an taisgealadh mauveine aige nuair nach robh e 18 bliadhna a dh'aois agus nuair an do dh'fheuch e ri cairt-gheal (quinine) a dhèanamh. Aig an t-àm seo bha gach gath nàdarra is daor.

Lean e dreuchd san gnìomhachas datha.

Bha e pòsta dà thuras, aig Jemima Harriet Lissett agus Alexandrine Caroline Mollwo. Fhuair e ceithir nigheannan agus trì mic, William Henry Perkin, Jr., Arthur George Perkin agus Frederick Mollwo Perkin. Bha gach mac na cheimigear.

Ann an 1907 sgoilt aipeandaig agus fhuair e am fiabhras-clèibhe agus chaochail e.

Urraman

deasaich

Bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Cheimigeach eadar 1883 agus 1885.[1] Bhuannaich e am Bonn-Chuimhne Davy ann an 1889. Chaidh e na ridire ann an 1906.[2] Dh'ainmicheadh Bonn-Chuimhne Perkin a' Chomainn Gnìomachais Ceimigeach air.

Iomraidhean

deasaich
  1. Moore, Tom Sidney ⁊ Philip, James Charles (1941): The Chemical Society 1841-1941: a Historical Review. Lunnainn: Comann Ceimigeach. 
  2. (1912): “Perkin, William Henry”, Dictionary of National Biography, 1912 supplement. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2016.