Co-chomharran: 58°57′11″N 3°09′28″W / 58.953112°N 3.157655°W / 58.953112; -3.157655

'S e beinn ann an Arcaibh, Alba a th' ann an Ward Hill.

Ward Hill (Arcaibh)
Ward Hill Summit - geograph.org.uk - 18849.jpg
Mullach na beinne
Àirde (m) 268
Àirde (tr) 879
Àirde rinneach (m) 30
Màthair-mhullaich Mid Hill
Suidheachadh
Ward Hill (Arcaibh) is located in Alba
Ward Hill (Arcaibh)
Ward Hill (Arcaibh) (Alba)
Suidheachadh Mòr-thìr, Arcaibh
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (6,7)
OS Explorer (462, 463)
Comharradh-clèithe HY335079

SuidheachadhDeasaich

Tha e suidhichte ann am meadhan Mòr-thìr, Arcaibh iar air Kirkwall agus tuath air Orphir. 'S e Mid Hill a mhàthair-mhullaich aige, tha e na laighe tuath air. Tha Ward Hill 268m (879 troigh) de dh'àirde[1] agus mar sin 's e seo an dàrna bheinn as motha air an eilean. Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ri fhaicinn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. Tha a' phuing as àirde suidhichte mu 5m san iar-thuath air an lic thriantanachd.

Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach bho àm gu àm. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Ward Hill san 20 am Faoilleach 2012 agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2]

Tha an t-ainm "Ward Hill" a' tighinn bhon fhacal Lochlannais "varði" a tha a' ciallachadh tùr-rabhaidh. Nochdaidh e an-diugh mar "-ward" neo "-wart" ann an ainmean-àite Arcaibh. Gu eachdraidheil bha e cumanta airson a' bheinn as àirde anns an eilean air sgàth 's gum b' e sin an t-àite a b' fheàrr gus teine-rabhaidh a lasadh.[3]

IomraidheanDeasaich

  1. Hill Bagging (Beurla)
  2. Database of British and Irish Hills”. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
  3. Orkney Placenames - natural elements" Orkneyjar (Beurla). Air a tharraing 31.8.2015

Ceanglaichean a-machDeasaich