Villeblevin
Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Yonne
Sgìre Bourgogne
Co-chomharran 48° 19’ 31 Tuath
03° 04′ 57 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7.36 km²
Àireamh-shluaigh 1,806 (2008)
Dlùths 245.38/km²
Àireamh fòn 03 86
Duilleag oifigeil Duilleag oifigeil

'S e clachan air àirde an ear na Frainge a th’ ann an Villeblevin. Tha e suidhichte anns an sgìre (Fraingis: Département) Yonne, anns an roinn (Fraingis: Région) Bourgogne, eadar 53m agus 118m os cionn ìre na mara (meadhan dhe 88m), ri taobh na h-Aibhnichean Yonne agus Gâtinais, anns a’ Ghleann Yonne,[1] aig astar dhe 182km bho Dhijon agus 82km bho Pharis prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 1,806 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3]

Chaochail an sgrìobhadair Albert Camus (19131960) ann an tubaist air an rathad N5 faisg air Villeblevin.[4] Tha am Pàirc Nàdarra Gâtinais faisg air a' bhaile cuideachd.[5]

Ainm a’ bhaile deasaich

Sgrìobhadh an t-ainm ann an caochladh dhòigh fad na linntean, ach 's e "Villapoplinam", "Villablovinam" neo "Villablovanam" a bh' ann an fheadhainn na b' aosta, leis gun do nochd iad ann an 11mh linn. 'S e eileamaid uabhasach cumanta ann an ceann a tuath na sgìre a th' ann an "Ville" (Laideann: Villa), mar eisimpleir: Villeneuve, Villecien, Villebougis, Villemanoche, is e a’ ciallachadh tuathanas Gallo-ròmanach, ga chleachdadh bhon an 8mh linn. Thathar dhen bheachd gur ann à ainm Gearmailteach mar "Bhlouain", "Blouvyn", "Blevin" neo "Bobolenus" a tha an t-ainm.[6]

Eòlas-sluaigh deasaich

Seo mar a dh’fhàs àireamh-shluaigh a’ bhaile anns an dàrna leth dhen 20mh linn. Figearan bho INSEE[7]

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Frainge (INSEE)
  4. Mael Monnier
  5. Annuaire de France
  6. Ernest NÈGRE Toponymie générale de la France, Droz, Genève 1990-1991, ISBN 2600001336
  7. INSEE

Ceanglaichean A-mach deasaich