Victoria Island (Canada)
'S e eilean air àird an iar-thuath a’ Chuain Siar a tha ann an Victoria Island, ainm bho thus: Kitlineq. Tha e suidhichte ann an Canada anns na crìochan eadar Nunavut agus Roinnean an Iar Thuath. 'S e Victoria Island an dàrna eilean as motha a tha ann an Canada agus an ochdamh eilean as motha air feadh an t-Saoghail.
Tha Victoria Island cho mòr ri 217,291 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2006 bha timcheall air 1,875 duine a’ fuireach air an eilean fhèin.
'S e Cambridge Bay am baile as motha a tha anns an eilean.
Chaidh an t-eilean ainmichte a-rèir Ban-rìgh Bhictoria ann an 1839.