Venus (ban-dia)
'S e ban-dia Ròmanach a th' ann an Venus (/ˈviːnəs/, Laideann chlasaigeach: /ˈwɛnʊs/) no Bhèineas a riochdaicheadh gaol, bòidhchead, feise, torrachas, soirbheachas, buaidh is miann. Anns na miotasan Ròmanach, b' ise màthair muinntir na Ròimhe tro a mac Aeneas, a sheas nuair a thuit Tròidh agus a theich dhan Eadailt. Thagair Iulius Cèasar gun robh i 'na sinnsear dha. Bha Venus cudromach ann an iomadh fèill chràbhach agus bhiodh iomadh ainm naoimh oirre ann an creideamh nan Ròmanach.