Uicipeid:San latha an-diugh/28 dhen t-Samhain
'S e 28 an t-Samhain an 332mh latha dhen bhliadhna.
- 1757 – Rugadh William Blake, ann an Lunnainn. Bàrd agus peantair.
- 1912 – Fhuair Albàinia a chuid neo-eisimeileachd bho Ìompaireachd nan Otomanach.
- 1953 – Rugadh Alistair Darling ann an Lunnainn. Fear-poileataigs.
- 1960 – Fhuair Moratainia a chuid neo-eisimeileachd bhon Fhraing.
- 1990 – Deireadh rèim Mhargaret Thatcher mar Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte.
- 2010 – Chaochail Leslie Nielsen ann am Fort Lauderdale, na Stàitean Aonaichte. Cleasaiche à Canada.