Tha an duilleag seo a' mìneachadh na poileasaidhean a dh'aontaich a' choimhearsnachd a thaobh ainmean chànan air Uicipeid na Gàidhlig. Feuch is na atharraich na riaghailtean gun deasbad roimhe air duilleag na deasbaireachd.

Seula nam poileasaidh Poileasaidh ainmean chànan

1) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig airson na leanas. Ma tha còmhstri eadar ainmean ann, cleachdaidh sinn an cruth a tha as fhearr a-rèir riaghailtean litir-gu-fuaim agus fuaim-eòlas na Gàidhlig, a' seachnadh foirmean a tha a' briseadh an seach aon dhiubh. Ma nochdas foirmean air nach robhar eòlach roimhe ann an seann-leabhraichean Gàidhlig, faodaidh sinn prìomhachas a thoirt dhaibh seach riaghailtean 2-3 mur eil iad a' briseadh riaghailtean litir-gu-fuaim agus fuaim-eòlas na Gàidhlig.

a) Prìomh chànain oifigeach, m.e.
Spàinntis, ✔Sìnis, ✔Amtharais
b) Cuid mhòr dhen chorr dhe na cànain san Roinn-Eòrpa ma tha iad meadhanach aithnichte mar chànain, m.e.
Basgais, ✔Catalanais
c) Cànain a tha aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig no air leth cudromach ann an saoghal na Gàidhlig/Alba, m.e.
Laideann, ✔Eabhra, ✔Gothais
d) Ma tha ainm cànain ann a tha stèidhichte air ainm a nochdas sa Bhìoball, cleachdaidh sinn an cruth sinn mur eil cruth eile nas cumanta an-diugh, m.e.
Asiria » ✔Asiris, Hiteach » ✔Hitis "Hittite", Phrigia » ✔Phrigis "Phrygian"
e) A thaobh teaghlaichean chànan ann an cànanachas, cleachdaidh sinn am freumh Gàidhlig ma tha cruth Gàidhlig dhen ainm ann agus ma tha cruth meadhanach stèidhichte ann mura bi sin ag adhbharachadh tro chèile (faic 3) airson a' chorr):
Gearmailtis » ✔Cànain Ghearmanach "Germanic (languages)" (freumh le cruth Gàidhlig)
Cànain Ròmanach "Romance (languages)" (meadhanach stèidhichte)

2) Airson an corr, bidh prìomhachas aig ainmean tùsail nan cànan (mas ann san aibidil Laideann a tha iad agus ma tha iad faisg air a' chruth Bheurla), fiù ma tha litrichean ann nach eil san aibidil Ghàidhlig, m.e.

Xhosa, Zulu, Kinyarwanda

Ma tha barrachd air aon chruth tùsail ann, cleachdaidh sinn tar-sgrìobhadh oifigeach (ISO-9 etc) ach feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann, m.e.

Gujarati seach ✗Gujerathi/Gujerati

3) Cleachdaidh sinn an cruth Beurla airson an corr.

a) Mas e ainmean loma a th' annta, mar a tha iad m.e.
Guaraní, ✔Udmurt, ✔Dyirbal seach ✗Guaranais, ✗Udmurtais, ✗Diarbalais
b) Ma tha leasachan Beurla riutha (-ese, -ish, -an), cleachdadh sinn leasachain Ghàidhlig 'nan àite (-(a)is, -(e)ach) ach leis an fhreumh tùsail:
Gilbertais seach ✗Gilbertese, ✔Ripuarais seach ✗Ripuarian, ✔Marshallais seach ✗Marshallese

Nòta: Ma tha ainm ann an 2) no 3) a' tòiseachadh le dà litir air a bheil coltas sèimheachaidh (m.e. bh, ch, th, ph...) nì sinn dì-shèimheachadh air le bhith a' toirt air falbh an h, m.e. Thracian » Tracis, Dùthaich nan Tracach.