Tri Yann
'S e còmhlan-ciùil bho Naoned/Nantes anns a' Bhreatainn Bheag 'san Fhraing a tha ann an Tri Yann (Breatannais airson "Trì Iain"). Bidh iad a' cluich ceòl Ceilteach le ceangal làidir ri dualchas na sgìre.
Cur air cois | 1969 |
---|---|
Name | Tri Yann, Tri Yann an Naoned |
Work period (start) | 1970 |
Work period (end) | 2021 |
Discography | Tri Yann discography |
Stèidhichte le | Jean Chocun, Jean-Paul Corbineau, Jean-Louis Jossic |
Location of formation | Naoned |
Record label | Sony Music |
Country of origin | An Fhraing |
Làrach-lìn | http://www.tri-yann.com |
Thòisich am buidheann ann an 1971 le Jean Chocun, Jean-Paul Corbineau agus Jean-Louis Jossic - agus tha iad uile ann fhathast - agus 's ann is coireach ris a seo a thagh iad an t-ainm Tri Yann an Naoned ('S e "Yann" am Breatannais airson "Jean").
'S iad am buidheann ceilteach is ainmeile anns an Fhraing agus aon de na còmhlan-ciùil is aosd ann an ceòl Breatannais agus iad air fuireach ri chèile bho an "ath-bheòthachadh" ann an ceòl traidiseanta na 1970an.
Am measg na h-òrain is ainmeile aca tha "La Jument de Michao" ("j'entends le loup, le renard et la belette" no 'sa Ghàidhlig : Cluinnidh mi am madadh-allaidh, an t-sionnach agus an easag) agus "Les Prisons de Nantes" (Ann am prìosan Nantes).