Tocaima
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Magdalena Àrd
Àirde 400m
Co-chomharran 04' 27' 47' Tuath
74° 38' 17' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 246 km²
Àireamh-shluaigh 17,196 (2005)
Dlùths 69.9/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Tocaima. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 400m os cionn ìre na mara, 102km air falbh bho Bhogotá agus 30km bhon Abhainn Mhagdalena. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th’ann Tocaima, agus tha teodhachd meadhanach dhe 28˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1544.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Tha 17,196 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 7,220 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Tocaima, ach tha 0.02% dhe Tùsanaich agus 0.03% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.9% dhe na daoine ann an Tocaima leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 31.9% dhe na dachannan.[5]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Tocaima. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

deasaich

Chaochail José Eusebio Otálora an seo ann an 1884.

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann an Tocaima

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia