Fosgail am prìomh chlàr-taice
Tiops

Is e tiops no sliseagan buntàta a tha air a ghearradh na shliseagan tiugha agus air a phraighigeadh ann am pana domhainn le pailteas ola. Bhon a tha iad air an gearradh nas tighe na French Fries, tha nas lugha de gheir annta. Is tric nach eil tiops cho cruasbach 's a tha French Fries leis na th' ann de dh'uisge annta. Tha iad gu bitheanta air an toirt seachad còmhla ri iasg geal, maragan is cearc-fheòil a tha air am patraigeadh 's air am praighigeadh ann am bùthan Iasg is Tiops, air neo le pàidhean feòla is pònairean, staoigean, is caochladh annlain eile. Tha tiops le sabhs coiridh, no tiops le càise air an reic bho bhùthan a tha a' reic biadh ro-dheasaichte agus iad gu tric air an ceannach 's air an toirt dhachaigh le daoine sna bailtean an dèidh dhaibh a bhith air splaoid.