Thomas Edison
'S e neach-gnìomhachais às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Thomas Edison.
Rugadh e 11 an Giblean 1847 ann am Milan, Ohio. Dh'imrich an teaghlach gu Fort Huron, Michigan ann an 1854 agus bha e ag obair air an loidhne-rèile nuair nach robh e ach 12 bliadhna a dh'aois. Aig an aon àm chaill e a chlaisneachd. An dèidh sin dh'obraich e mar gnìomharaiche theileagraf air feadh na Stàitean Aonaichte mus do shuidhich e ann an Eabhraig Nuadh ann an 1869.
Fhuair e a chiad pheutant ann an 1869 airson inneal-chlàraidh bhòtaichean. Stèidhich e Pope, Edison & Co. ann an 1869 agus Newark Telegraph Works ann an 1870.
Stèidhich e deuchainn-lann ann am Menlo Park, Jersey Nuadh ann an 1876, anns an robh obair air an fhuaim-sgrìobhair, uidheam fòn agus solas-dealain. Leasaich an companaidh aige cuideachd an kinetoscope, seòrsa de chamara-fhilm agus an kinetograph, leis an urrainn do dhaoine coimhead air filmichean.
Bhàsaich e 18 an Dàmhair 1931 ann an West Orange, Jersey Nuadh.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Life of Thomas Alva Edison”. Inventing Entertainment: The Early Motion Pictures and Sound Recordings of the Edison Companies. Library of Congress. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2024.