Tarmachan
Lagopus muta
Tarmachan
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Galliformes
Teaghlach Tetraonidae
Gèineas Lagopus
Spèiseas L. muta
Ainm saidheansail
Lagopus muta
Ainmean eile
Logopus mutus
Briathran Gàidhlig eile
Cearc nam Beann

’S e eun a th’ anns an tarmachan[1], Laideann: Lagopus muta[2]. Mar a tha fhar-ainm cearc nam beann ag innse, tha e cumanta air monaidhean na h-Albann.

Tha an tarmachan dàimheach don chirc-fhraoich, Lagopus lagopus scotica, agus gu tric lorgar an dà ghnè eòin air an aon bheinn, a’ chearc-fhraoich gu h-ìosal agus an tarmachan gu h-àrd. Ach tha diofar mòr eatarra: bidh an tarmachan a’ dol bàn anns a' gheamhradh, leasachadh a chumas am falach san t-sneachd e. As t-samhradh tha e cuideachd fìor dhoirbh fhaicinn am measg nan creag, ma shuidheas e gu sàmhach.

Tha an t-ainm aige stèidhichte air a ghairm: tarm no torm. Chaidh e a-null bhon Ghàidhlig don Bheurla mar “ptarmigan”, le ‘p’ neo-fhuaimnichte neo-eachdraidheil a’ dèanamh aithris air an t-Seann-Ghreugais πτέρυξ, sgiath. Tha cuid de bheanntan air an ainmeachadh air a shon, leithid Sgòrr an Tarmachain agus Meall nan Tarmachan.

Iomraidhean

deasaich
  1. Faclan Nàdair[dead link] aig Dualchas Nàdar na h-Alba (Leughte 17 Faoi. 2015)
  2. B’ àbhaist do dhaoine bhith a’ sgrìobhadh Lagopus mutus agus Lagopus lagopus scoticus, oir mar as trice tha an deireadh ‘-us’ air facal a’ ciallachadh gu bheil am facal fireann. Ach b’ e mearachd a bha siud. Am facal Seann-Ghreugais λαγωπους, tha e boireann agus is e “muta” agus “scotica” a tha ceart.

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Dealbhan

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: