Taigh Chomair
Fiosrachadh
Stoidhl Traidiseanta
Bliadhna 1740
Ailtire Ruairidh Siosalach
Seòladh A837, Canaich, IV4 7NB
Dùthaich Alba

'S e taigh ann an Canaich ann an Srath Ghlais a tha ann an Taigh chomair (Beurla: Comar Lodge). Chaidh a thogail anns a' bhliadhna 1740 le Ruairidh, Ceann-cinnidh nan Siosalach. A réir beul-aithris, thàinig am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart gu Taigh Chomair nuair a bha e a' teicheadh an déidh Bhlàr Chùil Lodair, agus chaidh fhalach ann an seòmar dìomhair – seòmar air nach robh lorg gus an robhar ag ùr-sgeadachadh an taighe anns na 1940an. Tha Taigh Chomair fhathast ga chleachdadh mar àite-fuirich agus taigh-aoigheachd.

Ceanglaichean a-mach

deasaich