Taigh Chearsabhagh
'S e ionad-ealan agus taigh-tasgaidh a tha ann an Taigh Chearsabhagh.
Tha e suidhichte air a' chosta ann an Loch nam Madadh. Chaidh a thogail ann an 1741 mar thaigh-òsta agus tha oifis a' phuist ann on 19mh linn. Chaidh Urras Taigh Chearsabhagh stèidhichte ann an 1993 is dh'fhosgail an taigh mar thaigh-tasgaidh ann an 1995.[1]
Tharraing an taisbeanadh Lines (57° 59′ N, 7° 16’W) leis na Fionnlainnich Pekka Niittyvirta agus Timo Aho faire eadar-nàiseanta air Taigh Chearsabhagh ann an 2019. Tha loidhnichean solais taobh a-muigh an taighe a' sealladh far am bi am muir làn san àm ri teachd.[2]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “Taigh Chearsabhagh Taigh-Tasgaidh agus Ionad-Ealan”. Taigh Chearsabhagh. Air a thogail 2na dhen Ghiblean 2019.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Eachdraidh”. Taigh Chearsabhagh. Air a thogail 2na dhen Ghiblean 2019.
- ↑ “Cunnart èirigh na tìde-mhàra aig cridhe obair ealain an Uibhist”, Naidheachdan a' BhBC. 26mh dhen Mhàrt 2019. Air a thogail 2na dhen Ghiblean 2019.