'S e an taigh-dubh no taigh-bàrnaidh an togalach traidiseanta Gàidhealach a b' àbhaist a bhith cumanta ann an Èirinn agus ann an Albainn.

Taighean-dubha faisg air na Geàrrannan ann an Leòdhas
Taighean-dubha ann an Cille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach

Mar as àbhaist, chaidh na taighean seo a thogail le ballaichean dùbailte pacte le talamh, air uairibh gealaichte le aol (ma-thà, taigh-geal), uinneagan beaga, mullaich tughaidh le sparran fiodha agus sleacan air an ùrlar. Uaireannan, bha na taighean-dubha roinnte eadar stàball airson beathaichean agus na seòmraichean far an robh na daoine a' fuireach. B' àbhaist don àite-teine a bhith ann am meadhan an taighe, airson am biadh ullachadh agus an taigh fhèin a bhlàthachadh. Co-dhiù, cha robh similearan ann gu tric, oir bha a' thoit a' dol a-mach tron thugha fhèin. An-dràsta tha tobhtaichean trèigte agus taighean ath-thogte cuideachd ann an iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, gu h-àraid ann an Àrnol, ann an Eilean Leòdhais, agus cuideachd tha iad fhathast cleachdte mar taighean-samhraidh san latha an-diugh.

Ceanglaichean a-mach

deasaich