Mòr-dhàil nan Aonaidhean-ciùird
1868[1]
Fiosrachadh
Buill 5.8 muillean
Cleamhnachadh ITUC
Daoine Proinnsias Ní Ghrádaigh
Oifisean 23 Great Russell Street, Lunnainn WC1B 3LW
Dùthaich Alba Sasainn A' Chuimrigh
Làrach-lìn https://www.tuc.org.uk/

'S e aonad nàiseanta nan aonaidhean-ciùird ann an Alba, Sasainn agus A' Chuimrigh a th' ann an TUC (ainm slàn: Trades Union Congress, Gàidhlig: Mòr-dhàil nan Aonaidhean-ciùird). Bidh an TUC a' riochdachadh mòr-chuid nan aonaidhean-ciùird ann am Breatainn. Chaidh a chruthachadh ann am Manchester ann an 1868.[2] Bhris an STUC bhon TUC ann an 1897 air sàilleabh gu robh cuid a dhaoine mì-thoilichte leis na bha an TUC a' deanamh a thaobh riochdachadh nan luchd-obrach anns a' Pharlamaid.[3] Aig an ìre seo tha 51 aonaidhean-ciùird air an cleamhnachadh ris - EIS, UNISON agus UNITE nam measg - is iadsan a' riochdachadh mu 5.8 muillean duine uile gu lèir. Thathar ag ràdh gur e guth nan luchd-obrach ann am Breatainn a th' anns an TUC. 'S e Proinnsias Ní Ghrádaigh a tha na àrd-rùnairean a-nis.[4] 'S ann ag amas air iomairtean le ìomhaigh àrd a chuir air dòigh, is e a' strì airson amasan agus beusan nan aonaidhean-ciùird. A bharrachd air sin, bithear a' cuideachadh aonaidhean-ciùird a thaobh fhastadh buill, a bhith nas èifeachdaiche agus ag obair an aghaidh chonnspairn eadar aonaidhean-ciùird agus airson dlùth-phàirteachas.

Àrd-rùnairean

deasaich
  • Proinnsias Ní Ghrádaig: 2013
  • Brendan Barber: 2003 - 2013
  • John Monks: 1993 - 2003
  • Norman Willis: 1984 - 1993
  • Len Murray: 1973 - 1984
  • Vic Feather: 1969 - 1973
  • George Woodcock: 1960 - 1969
  • Sir Vincent Tewson: 1946 - 1960
  • Sir Walter Citrine: 1926 - 1946
  • Fred Bramley: 1923 - 1926
  • C. W. Bowerman: 1921 - 1923

Iomraidhean

deasaich
  1. Union History
  2. Union History
  3. The Glasgow Story
  4. BBC

Ceanglaichean A-muigh

deasaich