Tòrr nan Clàr
Co-chomharran: 57°23′51″N 5°30′00″W / 57.397481°N 5.500017°W
Is dòcha gu bheil sibh a' lorg an loch Loch Carrann.
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a th' ann an Tòrr nan Clàr neo Loch Carrann (Beurla: Lochcarron). [1] Tha e suidhichte air bruach a iar-thuath Loch Carrainn. Tha na shìneadh mu dà mhìle air a' bhruach agus a' gabhail a-steach cuid tuineachaidhean beaga eile. Ann an 2001 bha 923 duine a' fuireach ann.[2]
Anns an 19mh linn bha ainm eile air, an toiseach chanadh Janetown ris agus dh'atharraich sin an uair sin gu Jeantown.[3]
Tha pàipear-naidheachd ionadail "An Carrannach" ann a nochdas gach mios.
Tha am baile tarraingeach don luchd-turais, tha Bealach na Bà, rathad cliùiteach a leanas chun na Comraiche, faisg air làimh. A thaobh spòrs tha Comann Camanachd Loch Carrainn ann agus tha club seòlaidh ann a tha fosgailte do mhuinntir an àite is luchd-turais.[4] Tha ceumannan coise ann don luchd coiseachd cuideachd. [5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Stòr-dàta Briathrachais
- ↑ General Register Office for Scotland : Census 2001 : Usual Resident Population : Lochcarron Civil Parish Air a tharraing 2014-07-31
- ↑ John E Wilson (): The Gazetteer of Scotland. Heritage Books, td. 247. ISBN 9781888265071.
- ↑ Lochcarron Sailing Club
- ↑ Tòrr nan Clàr aig walkhighlands.co.uk
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Duilleag oifigeil Tòrr nan Clàr
- Undiscovered Scotland (Beurla)
- Gazetteer for Scotland (Beurla)