Támesis
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Àirde 1638m
Co-chomharran 05 39' 53' Tuath
75° 42' 52' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 245 km²
Àireamh-shluaigh 16,387 (2005)
Dlùths 66.89/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Támesis. Tha e suidhichte aig 1,632m os cionn ìre na mara agus 110km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1858. 'S ann gu math ainmeil 's a tha Támesis air feadh Antioquia o chionn 's gu bheil tèarmann thùsanach ann.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 6,488 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 16,387 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Támesis, ach tha 0.8% dhe Tùsanaich agus 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.3% dhe na daoine ann an Támesis leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 40.4% nan dachaigh.[5]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Támesis. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain deasaich

  • Betania
  • Buena Vista
  • Campo Alegre
  • Cartama
  • Cedeno
  • La Florida
  • El Guayabo
  • Líbano
  • La Mesa
  • Palermo
  • La Palmera
  • Pencil
  • San Antonio
  • San Pablo
  • Villa Luz

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. World Weather
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Támesis