Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan
Anns a’ bhliadhna 1960, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta air Cuideaman agus Tomhaisean ris an ainm Système International d'Unités, 'sa Ghàidhlig: Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan, agus ris a’ ghearr-sgrìobhaidh eadar-nàiseanta SI , airson an siostam de aonadan-thomhais practigeachd a chaidh air mholadh leis a’ chomhairle.
Tha an SI stèidhichte air seachd bun-aonad. Air barrachd na bun aonadan, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta, riaghailtean airson ro-ainmean, airson aonadan-leasaichte, agus airson gnìomhan eile.
Aonadan
deasaichIs àlach de aonadan sàr-shònraichte, a tha anns an seachd bun-aonad. Gabhar, le àbhaisteas, gu bheil gach bun-aonad a’ tomhais bun-feart a tha neo-eisimeileach ri càch air taobh seòladh. Is iad na bun-aonadan:
- am meatair (m), 's an t-aonad de fhaide a tha anns an meatair.[1] Is meatair an astar a shuibhalas gàth sholais, ann an falamhantas, re dail tím de 1/299 792 458 de diog.
- an cileagram (kg), 's an t-aonad de thomad a tha anns an cileagram.[2] Tha màs a’ chileagram co-ionnan ri màs den ro-shamhuil eadar-nàiseanta.
- an diog (d), 's an t-aonad de thìm a tha anns an diog.[3] Is diog an dail thìm rè 9 192 631 770 dail den rèididheachd saoraichte le atam de caesium-133, agus an atom an iompachadh eadar dà inbhe haidhper-mìn de a bhun-stàid.
- an ampere (A), 's an t-aonad de sruth-dhealanachd a tha ann an ampere. Is e a tha anns an ampere an sruth-dhealain cunbhalach a bhiodh, nan ro e na sruthadh tro dà teud dìreach, de tar-raoin neo-mheudachd, , de fàd eicriochte, co-shìnte le astar de 1 meatair eadarra agus suidhichte ann an falmhantas, ag aobharachadh forsa eadar an dà theud co-ionnan ri 2 x 10-7 Newton air gach meatair a' fhaide.
- an kelvin (K), 's an t-aonad de theòthachd teas-eòlach a tha anns an Kelvin. Is e a tha anns a' Kelvin ceum de theòthachd teas-eòlach co-ionnan ri 1 / 273.16 de an theòthachd teas-eòlach aig am puing trì-stàideachd de dh'uisge.
- am mòl (mol), 's an t-aonad uimhir a tha ann am mòl.[4] Is uimhir de stuth a tha ann an mòl, le àireamh de bun-mirean co-ionnan ris an àireamh de dh'ataman a tha ann 0.012 cileagram de charbon-12. Nuair a thèid cleachdadh air an mòl, b’fheudar do na bun-mirean a bhi sònraichte, faodar bun-mhirean na cuise a bhi àdamhan, moileiciuilean, ionan, éileactronan, neo buidhnean-mirean sonraichte le na mírean sin.
- an candela (Cd), 's an t-aonad de soillearad a tha ann an candela. Is e a tha anns a’ chandela, an dlùths-sholais, ann an rian ainmichichte, bho mathair-sholais a sgaoileas reideachd mhonocrómatachd aig minigead de 540 x 1012 Hertz, agus le dluths-reideachd anns an rian sin de 1/683 uat air an stereidean.
Tha na aonadan-leasaichte cruthaichte as bun-aonadan co-cheangailte. Tha cruth de gach aonad-leasaichte a reir an cairdeas ailseabrachd eadar a bhun-fheartan.
- an joule (J) : Is aonad-luith a tha anns an Joule.
- an t-uat (W): Is aonad cumhachd a tha anns an uat.[5]
Tha ainmean (agus comharraidhean) sònraichte ri na h-aonadan-freumhaichte bu cudthromach. Far a bheil ainm sònraichte do aonad-freumhaichte, faodar don ainm is comharra a bhi cleachdadh an tuairsgeulan agus mar phàirt de aonadan ro-leasaichte.
Chan eil an SI na shiostam reòite, ach thèid a leasachadh gu leantainneach mu choinneamh sàr-fheuman tomhais de shaidheans agus teicneòlas.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- BIPM Bureau International des Poids et Mesures (SI maintenance agency) (Duilleag oifigeil)
- BIPM brochure (Iomradh SI )