Is e Suaicheantas na h-Alba aon de Laoidhean Nàiseanta neo-oifigeil na h-Alba, (Beurla: Thistle o' Scotland). Chaidh a sgrìobhadh le Eòghann MacColla ("Clàrsair nam beann") agus rinneadh atharrachadh ann am Beurla le Calum MacPhàrlain.[1]

a' chiad duilleag ann an Songs of the Highlands d.44
d.45

Seo an teacsa anns a' Ghàidhlig:

Sèisd
’S e Foghnan na h-Alba lus ainmeil nam buadh;
Lus grinn nan dos calgach thug dearbh air bhi cruaidh;
Sean-suaicheantas mòrail tir bhòidhich mo luaidh:
’S tric dh’fhadaich a dheagh-chliù tein’-éibhinn ’nam ghruaidh.

Lus deas nam meur cròcach nach leònar le stoirm;
Ged ’s ionann teachd geàrr air ’s laoch dàna fo airm,
’S leis clòimh tha cho maoth-gheal ri faoileig na tràigh,
’S bàrr-ghucan cho ciùin-ghorm ri sùilean mo ghràidh.
‘S e Foghnan, רc.

Mo dhùthaich, cha ’n ioghnadh mòr chliù air thigh’nn uait,
’S a liuthad duaidh-làraich ’s deagh ghnàth tha ris fuaight’;
An cian is le Albainn luchd seanachais no bàrd,
Bidh meas air an dealbh anns gach gorm-bhonaid àird.
‘S e Foghnan, רc.

Sluagh borb, le droch rùn da, ’s tric bhrùchd air a nuas;
’S tric bhrùchd, ach, gun taing dhoibh, a cheann chum e suas;
’Nuair shaoil iad bhi buadhach, ’s ann fhuair iad fath bròin:
Feuch! a’ cinn thar an uaighean an cluaran gun leòn.
‘S e Foghnan, רc.

Mo bheannachd gu bràth air! có ’n Gaidheal no ’n Gall
Nach seasadh gu bàs e, 'ga theàrnadh o chall!
Co ìosal no uasal, bheir cluas do mo dhàn,
Nach òladh leam “buaidh leis” o chuachana làn!
‘S e Foghnan, רc.


Iomraidhean

deasaich
  1. Whitehead, F. W. & MacFarlane, Malcolm. Songs of the Highlands (Inverness: Logan) d.44-45.

Ceanglaichean a-mach

deasaich