Tha strìopachas sràide 'na sheòrsa an strìopachais far an obraichidh strìopaichean air na sràidean, a' tairgse am frithealaidh ri luchd-dèilige fad 's gun seas iad air na oisinnean nan sràidean no a' coiseachd ri taobh na sràide, gu tric air èideadh ann an aodach bhuaireanta. Faodaidh an gnìomh air ghnìomhachadh sa' charbad an neach-ceannach no ann an làrach leth-oireach dlùth ris an t-sràid, fiù 's anns an t-seòmar na strìopaich. Tha strìopachas sràide mì-laghail sa' chuid as motha na cruinne.

Cunnartan

deasaich

Tha strìopaichean sràide glè sho-leònte ri ionnsaighean corporra 's èigneachadh, cho math ri mèirle, tro luchd-dèilige, strìopairean. Lorg an rannsachadh aig a' bhoireann-dhlighiche Melissa Farley mu dheidhinn 854 strìopaichean an naoi dùthchannan, a' gabhail Aimearaga a-steach, gun robh ionnsaigh air thoirt air 95% nam ban, agus bha 75% dhiubh air èigneachadh. Thuirt 89% nam ban agallaichte gun do dh'iarr iad fhàgail strìopachas. Ge-tà, chan urrainn mòran dhaoine an strìopachas fhàgail an dàrna cuid oir tha iad fodhan stiùireadh neach eile third party (mar strìopair, cèile no ball-teaghlaich ceannsgalach), no oir tha iad so-leònte gu maoineadach agus chan urrainn iad a chosnadh airgead gu leòr an dòigh eile. Mar eisimpleir, b' urrainn tràilleachd a bhith aca, no b' urrainn iad a thaiceadh an teaghlach.

Chomharraich tomhas New York gu bheil 87% dhiubh gun dachaigh no a' fuireach ann an taighean neo-sheasmhach. Tha tràilleachd buadhach. Fàsaidh roinn nan strìopaichean sràide obraichean-drùise a chionn 's nach eil iad foghlaimte gu leòr fhaighinn no chumail obair nas seasmhaiche. Tha an gluasad an-dràsda sa' bhinn nan strìopaichean 'sna Stàitean Aonaichte fheuchainn gan teagasg fad 's gu bheil iad am prìosan.

 
Strìopach sràide a' bruidhinn ri fear-ceannachd comasach an Torino, An Eadailt, 2005

An rannsachadh 2008 air na strìopaichean sràide à Chicago, lorg maoineadaichean Steven D. Levitt agus Sudhir Alladi Venkatesh gun obraich na mnathan gun strìopairean airson luach uarach aig mu dheidhinn $25, agus nì na mnathan ag obair le strìopairean 50% tuilleadh. Tha seo mu dheidhinn a ceithir uiread an tuarasdal na h-oibre eile gur ri fhaighinn riutha. 'S ainneamh an cleachdadh de casganan. Tha strìopaichean air chur an greim aon uair airson gach 450 ceannaichean, agus crìochnaichidh h-uile glacadh deicheamh le àm am prìosan. Aon uair uile 30 ceannaichean, bheir strìopach feise shaor ri maor-sìthe a sheachnadh glacadh.

'S e cuideachd gu tric na h-ìobairtich a' bhruid airson lean-mharbhaichean a tha strìopaichean a chionn 's gun streap iad gu gnàthach a-steach dhan charbad fhir aineolach orra, a' feuchainn a sheachnadh a' tarraing aire riutha fhèin no an luchd-dèilige is thèid iad leis na fir ri h-àiteachan far an nach cuir neach casg orra, agus mar sin faodaidh iad a dhol às an t-sealladh fad làithean is fad seachdainean mus thoir neach sam bith an aire. Gabhaidh na h-eisimpleirean as ainmeile nam lean-marbhadh a-steach Seoc an Reubainnear, Gary Ridgway, Na Hillside Stranglers, Arthur Shawcross, agus Robert Pickton.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  • Street prostitution le Michael S. Scott, US DOJ Problem-Oriented Guides for Police Series, No. 2 (PDF file)
  • StreetWomen.org Làrach-lìn leis na h-aithrisean nam ban gu bheil an sàs le strìopachas sràide.