Stoc rollaidh Fo-thalamh Ghlaschu
Tha an stoc rollaidh Fo-thalamh Ghlaschu ag obrachadh air an Fo-thalamh Ghlaschu, an treas siostam meatro as sine san t-saoghal. Tha an Fo-thalamh air an 2na ginealach de stoc rollaidh an-dràsta, leis an 3mg ginealach air òrduchadh agus an dùil ri dol a-steach do seirbheis ann an 2023. Eu-coltach ri siostaman meatro eile anns an Rìoghachd Aonaichte, tha gèidse rèile de 1,219 mm (4 ft) aig an Fo-thalamh.
Chiad ginealach (1896-1977)
deasaichBha a' chiad stoc rollaidh gu ìre mhòr air a thogail ann an 1896, le carbadan trèilear a bharrachd air a chuir ris thairis air an ath 19 bliadhna. Bha an stoc rollaidh seo air iompachadh bho càball ri traicsean dealain ann an 1935 agus air a thogail a-mach à seirbheis mu dheireadh ann an 1977 air an dùnadh an siostam airson ùrachadh.
-
Carbadan 1896
-
Taobh a-staigh bunasach
-
Taobh a-staigh air ath-nuadhachadh
Dàrna ginealach (1980-2023)
deasaichBha a' chiad 33 càraichean den stoc rollaidh làithreach air thogail le Metro-Cammell ann an Washwood Heath eadar 1977 agus 1979. Bha ochd càr trèilear a bharrachd air thogail ann an 1992. Chaidh an stoc rollaidh a-steach do seirbheis nuair a dh'fhosgail an fo-thalamh a-rithist às dèidh obair ùrachadh air an 16mh den Ghiblean 1980. Bha na 33 bunasach air ath-nuadhachadh le ABB aig Obraichean Derby Litchurch Lane ann an 1995.
Gu bunasach an dèidh an ùrachadh 1977-1980 bha lìbhre orains soilleir le stiallach geal agus branndadh air stoidhleachadh 'Trans-Clyde' aig na trèanaichean. Ge-tà a dh'aithghearr an dèidh sin bha uile an stoc rollaidh air a pheantadh ann an orains nas dorcha no 'dearg Strathclyde'. Bha grunn de co-cheartachaidhean beaga air a dhèanadh chun lìbhre, a' gabhail a-steach branndadh SPT ùr. Fhuair na trèanaichean lìbhre gu tur ùr ann an 2006 nuair a fhuair iad a pheantadh 'Cream & Carmine'. Ge-tà, ann an 2011 bha e air cho-dhùnadh ri tilleadh ri orains airson an àm ri teachd ri fhaicinn; bha an dealbhadh ùr orains seo a gabhail a-steach badan de geal agus glas airson coltas nas nuadh-aimsireil a chuir chun stoc rollaidh.
Bidh feadhainn de thrèanaichean a giùlan lìbhrichean sònraichte airson sanasachd. Tha iad seo gu h-àbhaisteach air lorg air an carbad meadhan de thrèan. Tha na carbadan seo mar as àbhaist air a thoirt seachad coineathal anns an dealbhadh airson an sanas agus air a cleachdadh airson an uine de urrasachd; faodaidh na coineathalan seo a bhith air thoirt air falbh agus 's urrain an carbad fo-thalamh a cleachdadh an lìbhre orains aige fhèin.
Treasamh ginealach (2023)
deasaichAnn an 2016 ainmich Com-pàirteachas Srath Chluaidh airson Comhdail (SPT) cùmhnant £000M leis Stadler agus Ansaldo STS airson ùrachadh den fo-thalamh. Bha na trèanaichean seo an dùil ri dol a-steach ri seirbheis an dèidh bha an ùrachadh deiseil ann an 2020; ge-tà chan eil iad ann an seirbheis fhathast. Tha na trèanaichean ùr seoa-nis an dùil ri dol a-steach ri seirbheis ann an 2023. Tha na trèanaichean a bhith a togail le Rèile Stadler (Stadler Rail) aig an factaraidh aca ann an Altenrhein ann an Eilbheis an ear.
Bidh seachd-deug trèanaichean air a thogail: bidh an comas aig iad seo airson obrachadh gun draibhear, a bharrachd air clàran-coiseachd nas fharsainge airson cathairean-cuibhle, agus co-fhreagaireachd le dorsan sgrion àrd-ùrlar. Bidh na trèanaichean an aon fhaid agus meud ri na trèanaichean an-dràsta, ach bidh iad air a dhèanamh suas de 4 carbadan an àite an 3 an-dràsta. Bha na trèanaichean ùr a sealltainn an toiseachd chun phoblachd aig InnoTrans ann an 2018. Bha a' chiad fhear air a lìbhrigeadh anns an Ceitean 2019.