Stèisean Fharrais
'S e Stèisean Fharrais (Beurla: Forres railway station) an stèisean-rèile ann am Farrais. Tha e suidhichte air an loidhne eadar Obar Dheathain agus Inbhir Nis.
Eachdraidh
deasaichDh'fhosgail stèisean rathad-iarainn aig Farrais anns a' chiad dol a-mach, ann an 1858 nuair a chaidh fosgladh air 'Rathad-iarainn Altachaidh Inbhir Nis is Obar Dheathain', (ainmichte gu h-oifigeil an Inverness and Aberdeen Junction Railway) a chaidh seachad taobh tuath a' bhaile. Chaidh ath-shuidheachadh air stèisean Fharrais ann an 1863, nuair a rinneadh gabhail aig Farrais eadar an rathad-iarainn maireannach agus loidhne ùr deas gu Peairt. Rinneadh an altachadh eadar an dà rathad-iarainn ann an cruth triantan le gabhail aig gach ceàrnag, mus am biodh aig trèanaichean ruith slighe air bith eadar na loidhnichean comh-altaichte.
Stèisean roimhe | National Rail | an ath stèisean | ||
---|---|---|---|---|
Eilginn | Rèile na h-Alba Loidhne Obar Dheathain gu Inbhir Nis |
Inbhir Narann |