An t-Òs a Deas
(Air ath-sheòladh o South Bar)
An t-Òs a Deas | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Canada |
Ceàrn | Alba Nuadh |
Co-chomharran | 46° 12' 40.5" Tuath 60° 11' 21.5" Iar |
Feartan fiosaigeach |
'S e coimhearsnachd beag a th' anns an Òs a Deas (Beurla: South Bar[1]) ann an Cape Breton County, Eilean Cheap Bhreatainn, Alba Nuadh. Tha e suidhichte faisg air Sidni.
Tha acarsaid na coimhearsnachd air a ruith leis a' South Bar Fishermen's Harbour Authority.
Ann an 1982, chaidh an seirbheis teine saor-thoileach, South Bar Volunteer Fire Department, a chur air bhog.
Tha iasgachd cudromach sa sgìre, gu h-àraid airson rionnach. Gheibhear giomach, easgann, feusgan, eisir, creachann, basan, trosg, leòbag, sgadan agus breac.[2]
Dealbhan
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Oisinn a’ Luchd-Ionnsachaidh aig Iomairtean na Gàidhlig, Alba Nuadh. Leughte 27 Gearran 2015
- ↑ Aithisg air Environmental Assessment for Sydney Harbour Access Channel Deepening and Sydport Container Terminal, Jacques Whitford 2009, Final Report NO. 1041307 d.87. Leughte 27 Gearran 2015
- Destination Nova Scotia (en)
- South Bar Harbour - Fisheries and Oceans Canada (en)
- Photo - Fisheries and Oceans Canada (en)
Co-chomharran: 46°12′40.5″N 60°11′21.5″W / 46.21125°N 60.189306°W