Is e com-pàirteachas rannsachaidh a tha ann an Soillse a tha a' toirt còmhla Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (gu h-àraidh Sabhal Mòr Ostaig), Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu is Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e gu h-àraid a’ dèanamh rannsachaidh air cor na Gàidhlig, airson ’s gum bi seo ’na bhun-stéidh air polasaidhean aig an Riaghaltas is eile a bheireas taic dhan chànan.

B’ e Rob Dunbar a’ chiad phroifeasair agus ceannard aig Soillse 2010-2013. Thòisich Conchúr Ó Giollagáin mar phroifeasair agus ceannard sa Ghiblean 2014.

Chaidh Soillse a stèidheachadh mar ghoireas rannsachaidh aig ìre ro-innleachd a bhiodh comasach air fianais, dearbhadh agus tuigse fhreagarrach a thoirt do phoileasaidhean poblach a bhiodh air an dealbhachadh airson ath-nuadhachadh a thoirt air cor na Gàidhlig ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.

Amasan deasaich

Tha Soillse a’ toirt còmhla ghoireasan rannsachaidh agus chomasan rannsachaidh airson nam prìomh amasan seo:

  • Comasan rannsachaidh aig ìre eadar-nàiseanta a bheir taic agus stiùireadh do phoileasaidhean cànain aig ìre nàiseanta agus ionadail agus a chuireas taic ri oidhirpean airson ath-bheothachadh a thoirt air cànan is cultar nan Gàidheal;
  • Lìonradh a chruthachadh ann an Alba a tha a’ ceangal luchd-rannsachaidh is eòlaichean le comasan sònraichte ann an cuspairean Gàidhlig an latha an-diugh ri luchd-eòlais a tha a’ rannsachadh mhion-chànanan aig ìre eadar-nàiseanta.

Cuspairean Rannsachaidh deasaich

  • Gàidhlig na cànain teaghlaich agus coimhearsnachd
  • Gàidhlig ann am foghlam
  • Poileasaidhean poblach ceangailte ri ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Cuide ri pròiseactan air corpas na Gàidhlig agus ionnsachadh na Gàidhlig, tha Soillse an sàs gu mór ann am Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean, le toraidhean gu bhith a’ tighinn a-mach tràth ann an 2018.

Ceanglaichean a-mach deasaich