Fosgail am prìomh chlàr-taice

EachdraidhDeasaich

Canar gun deach Snùcair a thùradh 17 an Giblean 1875 le oifigearan Breatannach anns na h-Innseachan.[1].

AcainneanDeasaich

Dath Luach
Dearg 1 phuing
Buidhe 2 phuing
Uaine 3 puingean
Donn 4 puingean
Gorm 5 puingean
Pinc 6 puingean
Dubh 7 puingean

Bidh am bòrd-snùcair nas motha na bòrd-billiard. Bidh meudachd de 12x6 troigh annsan air fad agus bidh an earrann-cluiche eadar na cuiseanan 11 troigh 8.5 òirlich ann an leud is 5 troigh 10 òirlich a dh'fhaid. Bidh clàr a' bhùird à sglèat, agus tha e còdaichte le clò uaine. Bidh sia pocaidean air a' chlàr, fear aig gach ceàrn, agus fear aig gach taobh fada.[2]

Tha 22 bàlaichean ann:

  • 1 bhàla geal (bàla-ciutha)
  • 15 bàlaichean dearga (1 phuing an urra)
  • 6 bàlaichean dàthte: buidhe (2 phuing), uaine (3 puingean), donn (4 puingean), gorm (5 puingean), pinc (6 puingean), dubh (7 puingean).

Cluichear le maide fada, ciutha. Feumaidh an ciutha 3 troigh a dh'fhaid air a' char as giorra.[2] Cleachdar ciutha à fiodh uinnsinn ann an snùcair gu mòr.

RiaghailteanDeasaich

 
Ronnie O'Sullivan, Berlin 2012

Buailear am bàla geal leis a' chiutha agus buailidh am bàla seo na bàlaichean eile. Feumaidh aon chas co-dhiù a bhith air an ùrlar nuair a bhuaileas an cluicheadair am bàla-ciutha.

Feumaidh na bàlaichean dearga agus feadhainn dathte dol anns na pòcaidean, agus gheibh an cluicheadair, a chuireas am bàla ann am pòcaid, puingean a' bhàla. Chan fhaod am bàla geal dol a-staigh aig àm sam bith. Nuair nach cuir cluicheadair bàla ann am pòcaid, chan fhaigh e puing agus bidh turas aig an fhear eile. Feumaidh gach cluicheadair a' tòiseachadh le bàla dearg, an uair sin buailear bàla datha eile, an uair sin bàla dearg a-rithist, amsaa. Fanaidh na bàlaichean dearga anns na pòcaidean, ach feumar na bàlaichean eile gach turas a chur air ais air a' chlàr. Nuair nach bidh bàlaichean dearga ann air fhàgail, feumaidh na bàlaichean eile dol dhan phòcaidean san sreath (v.s.).

'S e break an t-ainm a th' air an àm, nuair a chluicheas dìreach aon chluicheadair ann aon shreath. 'S urrainn a bhith a 147 puingean air a char as motha ann an aon bhreak. 'S e maximum (uas-mheud) an t-ainm a tha air a' bhreak seo, agus bidh e coileanta glè ainneamh.

Buannaichidh an cluicheadair, aig a bheil na puingean as motha.[2][1].

Co-fharpaiseanDeasaich

Is e farpais na cruinne a tha air an co-fharpais snùcair as cudromaiche. Tachraidh e gach bliadhna anns an taigh-cluich Crucible ann an Sheffield, Sasainn.

Cluicheadairean ainmeilDeasaich

DealbhanDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. 1.0 1.1 Rolf Kalb agus Thomas Hein: Snooker. Copress Sport 2006 ISBN 978-3767909519
  2. 2.0 2.1 2.2 World Snooker. Riaghailtean oifigeil

Ceanglaichean a-machDeasaich

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: