'S e pàirt riatanach fèineachd na h-Alba Nuaidh a th' ann an Gàidhlig. 'S i cànan aig a bheil dìleab beartach, a' gabhail a-steach naidheachdan, bàrdachd, òrain, agus litreachas. Tha ceangal aig na ceudan mìltean de mhuinntir na h-Alba Nuaidh agus aig na milleanan de mhuinntir Chanada ri cultar nan Gàidheal tron shinnsearachd aca. 'S e rùn Sgoil Ghàidhlig an Àrd-Bhaile (The Gaelic Language Society of Halifax) a bhith ag àrach agus a' gabhail cùram air a' cheangal seo tro thairgsinn chùrsaichean Ghàidhlig ùr-ghnàthaichte, tron a bhith a' cur air dòigh tachartasan a bhios a' comharrachadh cultar nan Gàidheal, agus a' tabhann coimhearsnachd airson luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann an sgìre Halafacs.

Ceanglaichean a-mach

deasaich