’S e companaidh telebhisein neo-eisimeileach a th’ ann an Sealladh. Chaidh a stéidheachadh le Mòrag Stiùbhart agus Chris Young. Tha e suidhichte ann am Fàs, ionad cultarail 's cruthachail an t-Sabhail Mhòir san Eilean Sgitheanach, far a bheil cothrom aige goireasan stiùidio an ionaid a chleachdadh agus ceanglaichean a dhèanamh ri muinntir na sgìre.

Am measg nam prògraman agus fiolmaichean a tha e air a bhith an sàs ann, tha Gleusta, Gun Sgot, An Sgailean Ùr, Uaigneas, Ann an Còi5, Iomlaid, Oidhche Naomh, Seachd, agus Bannan.

Ceanglaichean a-mach deasaich