Seagaraidh (Jaggery)
Is e Seagaraidh (Jaggery) (Hindi: गुड़, Ùrdu: گڑ, Bangla: গুড়, Kannada: ಬೆಲ್ಲ a litrichear jaggeree cuideachd) siùcar neo-ghiollaichte, donn à snodhach na craoibhe-pailm. 'S ann an Àisia, Afraga, Aimeireaga Laidinneach agus timcheall a' Mhuir Charaibich as motha a thathar ga chleachdadh. Gheibhear Seagaraidh an lùib mhilseagan ionadail, air a measgachadh le nithean leithid chnòthan-talmhainn, bainne-milis, cnò-chòco, fras seasamain, agus siùcair gheal - gu h-àraidh sna h-Innseachan, agus ceàrnaidhean eile taobh a deas 's taobh an ear-dheas na h-Àisia.