Salm 91
Tha ceangal sònraichte eadar an t-salm seo agus am fear roimhe. Ann an seo tha an t-salmaidh a’ seinn òran mu chreideas, ach tha e cuideachd airson beagan teagaisg a dhèanamh aig an aon àm.
Tha e a’ cuir a’ chuspair air adhart; cho sàbhailte, gun teagamhan sam bith, ‘s a tha an neach aig a bheil earbsa ann an Dia.
Gu dearbh saoraidh e thu… Le iteagan còmhdaichidh e thu
Tha an t-salmaidh a’ sgaoileadh a’ chiall a th’ aig “dìon Dhè” nuair a thig neach fo stiùir, cuide ris an t-saorsa a tha an Tìghearna fhèin a’ toirt seachad. Seach gu bheil tinneas agus sgrios-ghalair air an ainmeachadh san t-salm, tha cuid den bheachd gu bheil e an aghaidh draoidheachd a chleachdadh ma choinneamh donais. Tha an leabhar Iùdhaich, an Talmud, a’ moladh an t-salm mar armachd mas e ‘s gun toir donas ionnsaigh air duine. Bha an t-salmaidh gu math mothachail air buaidh gràis Dhè le mar a tha cùisean ag atharrachadh gach latha ann am beatha mhic-an-duine.
Tha an t-salmaidh a’ cuir air adhart ìomhaigh de dhuais air an deach iomradh a thoirt san ochdamh rann. Tha e ag innis gum faigh neach a tha a’ creidsinn ann, taic bho Dhia agus bho chàr-aingil agus iad gan dìon bho phlàighean is bho thubaistean. Chaidh nam facail seo an labhairt eadar an t-Sàtan agus Ìosa nuair a chaidh a chuir fo dheuchainn san fhàsach. A-rèir an Talmud, tha dà chàr-aingeal aig gach duine agus iad a’ strì riutha fad am beatha.
Tha an geall a’ toirt a-steach beannachdan. Nam measg beannachdan an t-saorsa, àrdachadh agus freagairtean do dh'ùrnaighean. Tha na duaisean seo agus barrachd air an gealladh do dhuine a bheir gràdh agus creideas do’n Tighearna.