Tha an t-salm seo air a sgrìobhadh mar gum biodh bho aona-neach a tha a’ caoidh às-leth an nàisean air fad.

Gheall Dia gum maireadh sìol Dhaibhidh gu bràth, agus tha neart, dìlseachd agus cùmhnant Dhè gam moladh ‘s an t-sluagh a’ toirt taing airson cho beannaichte sa tha ‘ad. Tha an t-salm a’ comharrachadh an cùmhnant eadar Daibhidh agus an Tighearna.

Cò an nèamh no air thalamh a dh’fhaodadh coimeas a dhèanamh eadar iad fhèin agus Dia? Tha Dia gun-choimeas, an dà chuid an nèamh agus am-measg nan naoimhean an Israel, agus tha an fhìrinn seo air a chuir air adhart mar iarrtas dhan an Tighearna mathanas agus comhfhurtachd a shealltainn don t-sluagh aige.

Anns an deicheamh rann tha ‘Rahab’ air ainmeachadh; creutair mara bho bheul-aithris a samhlachadh mì-riaghailt. Tha ìomhaighean eile air an cleachdadh gus sealladh iomchaidh a thoirt seachad air cumhachd an Tighearna ‘s a’ chruitheachd, a’ bhuaidh a th’ aige air a h-uile nàmhaid, agus an ùghdarras a th’ aige thairis air nèamh san talamhainn.

Tha nàdar a’ chùmhnant eadar Dia agus Daibhidh aig cridhe cùisean, ‘s e ceangailte ri gaol Dhè agus cho dìleas sa tha e ri luchd-leantainn. Tha an t-ùghdar ag aithneachadh, ged a mhaireadh an cùmhnant, gum feum sìol Dhaibhidh a bhith air am peanasachadh airson an cuid pheacaidhean agus an neo-dhìlseachd.

Tha coimeas air a dhèanamh eadar geallaidhean Dhè agus an t-suidheachadh anns a bheilear. Chaidh an cùmhnant a bhriseadh, tha ballaichean a’ bhaile briste, an tìr air a mhilleadh, am blàr air a chall, agus seasamh an rìgh air tuiteam. Às-dèidh dealbh a dhèanamh air an t-suidheachadh, tha an t-ùghdar a’ tilleadh, ann an rann ceathrad sa sia, chun an t-iarratas airson cuideachadh. Tha cho caochlaideach sa tha beatha mhic-an-duine, cumhachd Dhè daoine shaoradh agus an gràdh a bh’ aige air an t-sluagh ron an seo uile ceangailte ris a’ chùmhnant le Daibhidh agus air an cuir air adhart mar adhbharan air a’ chùmhnant ath-nuadhachadh.