Saguamanchica
B’ e Saguamanchica an darna Zipa à Bacatá (Bogotá an latha an-diugh).[1] Bha e na Zipa bho 1470 gus a bhàsaich e faisg air Chocontá ann an 1490). ‘S e sàr ghaisgeach a bh’ann fad na h-iomairtean a rinn e le soirbheachas an aghaidh a chuid nàmhaidean a measg na Muisca fhèin, ach gu seachd àraidh an aghaidh nam Panche. Aig an toiseach, bha Saguamanchica fo dhìon an Zaque Michuá, ach chaidh iad a-mach air a’ chèile nuair a rinn esan ionnsaigh air tìrean a’ chinn-fheadhna à Ubaque. Chruthaich sin cogadh fada is bhàsaich an dithis Rìgh, ach bhuannaich feachdan an Zipa mu dheireadh thall. Lean mac a’ bhràthar Nemequene e, deagh reachdadair, mar Zipa.[2]
Saguamanchica | |||
---|---|---|---|
1470 - 1490 ← Meicuchuca - Nemequene (en) → | |||
Beatha | |||
Breith | Bacata (en) , linn XV | ||
Dùthaich | Co-nasgadh nam Muisca | ||
Cinneadh | Muisca people (en) | ||
Bàs | Chocontá, 1490 (Gregorian) | ||
Teaghlach | |||
Sinnsirean |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Cànain | Chibcha (en) | ||
Dreuchd | |||
Creideamh | |||
Creideamh | Muisca religion (en) |
Toiseach an Rìoghachd
deasaichMu 1470, an dèidh an Rìoghachd Bhacatá a ghabhail os làimhe, bha an Zipa Saguamachica airson piseach a thoirt dhan a chuid thìrean. Chuir e arm dhe 30,000 air dòigh agus chaidh iad tro na còmhnardan àrda ann am Fusungha gu ruige dùthchannan nan Sutagao agus nam Panche.[3] Rinn na treubhan sin caidreabhas na aghaidh. Shabaid an t-Arm Muisca an aghaidh na feachdan ionadail sin faisg air na h-Aibhne Pazca. Thuig an Zipa gum biodh e uabhasach doirbh buaidh fhaighinn anns a’ bhatail, is le sin chuir e uachdaran le 12,000 saighdearan ri chùlaibh nan Sutagao an uaigneas gus ionnsaigh a dheànamh orra aig toiseach an ghnothaich. Thoisich an cath garg dòrainn sin tràth sa mhadainn, ach thrasgair na Muisca an cuid nàmhaid is fiù’s ghlac iad an Seanalair Uzathama, a bha os cionn na feachdan eile. Thug an ceann-fheadhna Tibacuy (is esan air a ghoirteachadh anns a’ chath) air Rìgh nam Panche Fusaghasugha is e ag ràdh gun tugadh e gèill dhan Zipa. Mar sin, chaidh na tìrean aige a chur ris an Stàit Bhacatá. [4]
Rinn an ceann-fheadhna à Guatavita ionnsaigh air tìrean an Zipa, ach fhuair an Zipa buaidh mhòr airsan ann an dà chath. Dh’iarr an ceann-fheadhna sin cuideachadh bhon Zaque Michuá à Hunzha Tunja. Chuir Michuá teachdaire chun an Zipa is e ag iarraidh gun tugadh an Zipa leisgeulan dhàsan. Chuir an Zipa an teachdaire gu bàs is an uair sin rinn e ionnsaigh air tìrean an Zaque le 40,000 saighdearan. Nochd an Zaque na aghaidh le 30,000 saighdearan. Rèitich an dithis còrdadh na Sìthe is le sin ’s urrainn dhaibh còmhstri a sheachnadh. Ach cha b’ fhada a rinn an ceann-fheadhna Ebaqué (à Ubaque) ionnsaigh air tìrean an Zipa, is e a’ glacadh Usme agus Pazca. Chuir an Zipa na feachdan aige air bhog agus cheannsaich e an sgìre. Theich Ebaque thall air a’ bheinn far an do dh’ fhalaich e a chuid ionmhais.[5]
An Cogadh Fada
deasaichAn ceann greis, mu 1474, thoisich cogadh a mhair 16 bliadhna, gu ruige 1490, nuair a chaochail an Zipa. Rinn na Panche ionnsaigh air na Muisca agus ghlac iad Zipacón agus Thena. Thuit Chía agus Cajicá do cheann-fheadhna à Guatavita aig an aon àm. Ghèill na Panche an dèidh 16 bliadhna dhe còmhstri fuilteach. Dh’iarr an cheann-fheadhna cuideachadh an Zaque a-rithist, ach nochd an Zipa le 50,000 saighdearan. Sheas an Zaque na aghaidh le 60,000 saighdearan aig Blàr Chocontá. ‘S e batail doirbh a mhair 3 uairean a bh’ann. Chaidh an dithis Rìgh a ghoirteachadh agus bhàsaich Zipa. A dh’aindeoin sin, chunnaic e buaidh mhòr an airm aige, is thuit Tunja dha na feachdan aige an dèidh a’ bhlàir.
Ro-Theachdair: Meicuchuca (1470) |
Zipa à Bacatá |
Fear-ionlaid: Nemequene (1490) |